Tha VLC 'na chluicheadair ioma-mheadhain a tha stèidhichte air còd fosgailte 's a dh'obraicheas air iomadh ùrlar. Cluichidh e a' chuid as motha de dh'fhaidhlichean mheadhanan a bharrachd air DVDan, CDan fuaime, VCDan is diofar seòrsaichean de shruthain.